Runrig

Lyrics to Sunndach



Bho m' uinneag tràth

Beinn Ianabhaig ag èiridh suas

A' ghrian air a chùl

Cuir òr air a' bhagh

Madainn blàth

Dealbh beò

Tha a' Chuilthionn gun cheò

'S chan eil sgoth air m' aire



Mi coiseachd moch tràth

Na bàtaichean 's a Chamus Ban

Ceò teas anns a' fhraoich

Air an t-eilean uaine

Tha ghrian a sìneadh sios

Air sraidean Phort Rìgh

'S ged tha mi cho sunndach

B' fhearr gun robh mi fuireach